puxill (puxill) wrote in scottish_gaelic,
puxill
puxill
scottish_gaelic

Sgeulachd - Cailleach nan Cnò agus Tàillear nan Clàr

Seo an stòiridh tràidiseanta Cailleach nan Cnò agus Tàillear nan Clàr.

Tha seanfhacal ann ag ràdh "Thig an t-olc ri ' iomradh", a bheil sibh eòlach air? Air sgàth sin, fhuair luchd-buidseachd far-ainm. Cha do dh'iarr duine sam bith a thoirt olc orra-san fhèin leis canntainn an t-ainm de cuideigin olc.

O chionn iomadh bliadhna bha cailleach a' fuireach ann an gleann air a' Ghàidhealtachd. Bha na daoine dhen bheachd gun robh i olc.

Cha robh each a rachadh le creig, nach b' i a' chailleach seo a rinn siud. Cha robh bò a chailleadh a bainne, nach b' i a' chailleach seo a rinn siud. Cha robh maighdeann a chailleadh a leannan, nach b' i a' chailleach seo a rinn siud. Bha an t-eagal uabhasach mòr air a h-uile duine a bha eòlach oirre roimhpe.

Thug iad Cailleach nan Cnò mar far-ainm oirre, oir bhiodh an-còmhnaidh poca làn chnothan aice.

Ri tìde, dh'fhàs a' Cailleach nan Cnò sean. Dh'fhàs i sean agus tinn agus bha fios aice gun robh i a' dol bàs. Thuirt i ris a h-uile duine, nam faigheadh i bàs, gun robh i ag iarraidh gum biodh poca làn chnothan air a thiodhlacadh còmhla rithe, aig a ceann. Sin mar a thachair. Fhuair i bàs, chaidh a tiodhlacadh, agus chaidh poca chnothan a chur don uaigh ri taobh a cinn.

Ach bha gille a' fuireach sa bhaile nach robh a' creidsinn ann an cumhachd na Caillich. Thuirt e ris fhèin oidche dhe na h-oidhcheannan gum bu bhochd na cnothan math a' leigeil a ghrodadh aig ceann na caillich agus gum a biodh e tàimailteach mura dèanadh cuideigin feum de na cnothan san uaigh. Air oidche dhorch, nuair a ghabh an teaghlach mu thàmh, thog e spaid air a ghualainn 's dh'fhalbh e don chladh, airson am poca chnothan a chladhach suas.

Air an rathad don chladh, ge-tà, thachair e ri duine a bha droch-chliùiteach airson a bhith ri mèirle chaorach.

"Ho lò!" arsa mèirleach nan caorach, "Càit' an ainm am Àigh a bheil thu dol mun àm seo dh'oidhche le do spaid?"

"Càit' air bith a bheil mise dol," arsa an gille. "Tha mi tuigsinn comharraichte math càit' a bheil thusa fhèin dol. Tha thus' a dol a ghoid moilt. Agus bho na thachair sinn ri chèile 's gun a h-aon againn air gnothach, innsidh mise dhuit far a bheil mi fhìn a' dol. Tha mi a' dol a chladhach suas cnothan na caillich. Ma bheir thusa dhòmhsa leth dhen mholt, bheir mise dhutsa leth de na cnothan."

Dh'aontaich am mèirleach.

"Fhad 's a tha thu air falbh," ars' an gille, "nì mi suidhe sa chladh agus cnacaidh mi na cnothan gus an till thu."

Dhealaich mèirleach a' mhoilt agus gille nan cnò ri chèile air ceann an gnothaich fhèin.

Bha Tàillear nan Clàr a' fuireach sa bhaile. Bha ciorram air. 'S e crioplach a bha e aig nach robh lùth na chasan. Bha clàran fiodha air gach bois agus air gach glùn aige. Bhiodh e a' gluasad air na clàran air a mhàgan agus air an dòigh sin dh'fhalbhadh e bho thaigh gu thaigh.

Bha an Tàillear math air naidheachdan agus seann sgeulachdan innse, ach bha e bragail agus mòr às fhèin. Chuireadh e sìos air feadhainn eile. Cha robh daoine measail air agus cha chuireadh e dragh orra sa bhaile nam biodh cuideigin a' toirt car às.

Thachair dha bhi 'g obair an oidhche sin ann an taigh nach robh mach air trì-fichead slat bho doras a' chlaidh. Agus mar a b' àibhaist, bha 'n taigh làn de luchd cèilidh.

Bha Tàillear nan Clàr ag cur dheth mu gach buidseach, taibhse, agus sìtheach a bha agus nach robh ann. Mu dheireadh thall bhuail am pathadh a h-aon dhen chuideachd, and cha do thachair gun robh boinne uisge anns an taigh.

Thairg fear òg a' dol don tobar. Bha 'n tobar mu leth-dusan slat bho doras a' chlaidh, agus nuair a bha 'n gille faisg air an tobar chuala e cnacadh chnothan anns a' chladh.

Sheas e, 's dh'èist e ; chuala e 'n ath chnò ga cnacadh.

Ruith an gille air ais don taigh, gun a' chuinneag a lìonadh, anail na uchd, 's a dhà shùil an impis leum a-mach às a cheann leis an eagal. Thuirt e gun robh Cailleach nan Cnò air èiridh bho na mairbh agus bha i na suidhe 's a' chladh agus fead aic' air cnacadh nan cnò!

Rinn an fheadhainn eile magadh air.

"Pù," arsa fear thall, 's fear a bhos, "chan eil annad ach an gealtaire bochd."

"Thoir dhòmhs' a' chuinneag," ars gille maol dubh, a bha na shuidhe ann an oisinn, agus dh'fhalbh e leatha le fearail air. Ach thachair an aon rud dhàsan. Nuair a bha e faisg air an tobar, chual' e cnò ga cnacadh.

Thill e gun uisge, ach leis an naidheachd gun robh a' cailleach a' cnacadh chnothan anns a' chladh, mhionnaich e air gach cumhachd, àrd is iosal, nach robh àicheadh air a' chùis, gun robh i ann gun teagamh.

"Tha sibh lag-chrideach 's gun fheum," arsa Tàillear nan Clàr. "Ma-tà! 'S iomadh ceàrn de 'n t-saoghal 's an robh mi, ach cha do thachair mi riamh ri làn taighe de ghealtairean coltach ribh. Nam biodh comas coiseachd agamsa, bheirinn fhèin làn na cuinneig às an tobar, Cailleach nan Cnò ann no às!"

"Uill," thuirt gille mòr ruadh a bha thall mu choinneamh, "bheir mise ann sibh air mo dhruim."

"Glè mhath, ma-thà," fhreagair an tàillear, "tog leat mi."

Rug an tàillear gu teann air a' chuinneig na dhòrn 's dh'fhalbh an gille mòr leis air a dhruim. Nuair a bha iad faisg air a' chladh, chuala iad cnò ga cnacadh.

"An cuala tu siud?" ars an gille mòr.

"Chuala mi," ars an tàillear, "chan eil siud cneasda mun àm seo dh'oidhche."

"An tèid mi air m' aghaidh leat?" ars an gille mòr.

"Thèid," ars an tàillear, "ach cum sàmhach."

Chuala iad an ath chnò ga bristeadh.

"An cuala tu siud?" ars an gille mòr.

"Chuala," ars an tàillear, "air m' onair, tha mi ' creidsinn gur ise a th' ann!"

Anns a' chladh bha an gille nan cnò a' gabhail fadachd nach robh am mèirleach a' mhoilt a' tighinn. Chunnaic e 'n gille mòr a' tighinn anns an dorchadas agus tàillear aig air a mhuinn. Bha e a' smaoineachadh gur e am mèirleach a' mhoilt a bh' ann, agus e a' tilleadh le molt air a dhruim. Dh' èigh e, "A bheil e reamhar?"

"Reamhar no caol, faodaidh tu fhaighinn," ars an gille mòr agus thilg e Tàillear nan Clàr far an dhroma don chladh agus thug e na buinn dhi.

Mu dheireadh thall ràinig Tàillear nan Clàr dhachaigh, gun chuinneig, gun uisge, air a chòmhdach le poll agus eabar agus cha robh e idir cho bragail a' tilleadh 's a bha e ' falbh.


I have the translation for this tale - shall I post the translations (in the comments of the story) or word lists? Also, Rory MacLean posted a version of this story in Litir do Luchd-Ionnsachadh #663 and An Litir Bheag #359.
  • Post a new comment

    Error

    default userpic
  • 0 comments